Back
'S i Mo Ghaol Am Pàiste Lurach
Lyrics:
Sèist
'S i mo ghaol am pàiste lurach
Dhan tug mi 'n gaol mòr cho buileach,
'S e dh'fhàg am bliadhna mi fo mhulad
Nach fhaod mi fuireach ann nad chòir.
Bidh mi smaoineachadh gach àm ort
Ged a b' ann a' dol dhan chrann aic',
Chuir thu seacharan 'am cheann
Nach amais mi air ceann a' ròp.
'S tu mo chadal, 's tu mo dhùsgadh,
Anns a' mhadainn mo chruit-chiùil thu,
Ort a shuidhichinn mo chùrsa
Nuair bu dùmhaile bhiodh an ceò.
'N robh thu 'm barail a ghruagach
Gur e do stòras a bhuair mi,
Tha do thòchradh na do ghruaidhean
'S b' fheàrr leam siud na buaile bhò.
Mur e sin mo ghaol-s' a ghruagach,
'S e 'n corp fallain thug mi luaidh dhut,
'S bhon nach fhaod mi dèanamh suas riut
Bidh mi fuasgladh nan seòl.