Back

'S i Mo Leannan An Tè Ùr

Lyrics:

Sèist

'S i mo leannan an tè ùr
'S guirme sùil 's is caoile mala
Tè cho math 's gan tig an gùn
Dh'fhàg i m' inntinn tùrsach.

'S ged nach eil mi pailt de stòr
Dhèanainn seòl, a ghaoil, air t-aran;
Mharbhainn breac air linne lòin
'S damh na cròic 's a bhùireadh.

Tha mo chridhe tùrsach trom
M' inntinn cha tog fonn ri ealain
Tha lionn-dubh orm fo thuinn
Mo nighean donn an t-sùgraidh.

Tha do chneas mar shneachd air lòn
Muineal caoin cho geal 's an canach,
Cas as deise thèid am bròig
Nach dèan feòrnan lùbadh.

Tha do ghruaidhean mar an ròs
Beul is bòidhche shèideas anail
Mala chaol mar it' an eòin
Rùisg is bòidhche dhùineas.

Ged a bhithinn-sa cho òg
'S gum b' e màireach tùs mo latha,
'S mi nach trèigeadh gaol na h-òigh
Airson diomb luchd diùrrais.