'S i Mòrag / Tha Mi Dol a Dhèanamh Banais
Lyrics:
Sèist
'S i Mòrag, 's i Mòrag, 's i Mòrag, a rinn a' bhanais,
Mòrag, 's i Mòrag a rinn a' bhanais ainmeil.

Bha fear an taighe aig bean an taighe,
Sgalag aig an t-searbhanta,
Buachaille aig a' bhanaraich,
'S mo sheanair aig mo sheanmhair.
Bha Seònaid is fidheall aice,
Raghnaid is pìob aice,
Mòr nan dos is feadan aice,
'S sheinneadh iad an ruidhle.
Bha thu dubh an-uiridh,
Agus tha thu dubh am bliadhna,
Is bha thu dubh a h-uile latha
Chunna mise riamh thu.
Tha mi dol a dhèanamh banais, tha mi dol a phòsadh,

He hi o gu, nuair a thig mo dhòchas.
Hai iodaili odail iodail odail iodail oighrigh,

Gho-am 's a ghiodail am 's a ghiodail iodail oighrigh.
Tha mi dol a dhèanamh banais, tha mi dol a rèiteach,

He hi o gu, nuair a thig mo chiad ghaol.
Tha mi dol a dhèanamh banais, tha mi dol a shuirghe,

He hi o gu, mur a tèid mi iomrall.