Back

'S Mi Air Creagan a' Sgurra

Lyrics:

S mi air creagan a' Sgurra
'S mòr mo mhulad 's mi m' ònar
'S dh'fhalbh mo chuid èislean
On là thrèig mi do chòmhradh.

'S dh'fhalbh mo chuid èislean
On là thrèig mi do chòmhradh
'S fhad a shiubhail mi 'n oidhche
Dh'fhios na maighdinn bu bhòidhche.

'S fhad a shiubhail mi 'n oidhche
Dh'fhios na maighdinn bu bhòidhche
Chaidh mi còrr is naoi mìle
Anns an tìr nach robh m' eòlas.

Chaidh mi còrr is naoi mìle
Anns an tìr nach robh m' eòlas.
Nuair a ràinig mi 'm baile
Cha robh aighear no ceòl ann.

Nuair a ràinig mi 'm baile
Cha robh aighear no ceòl ann
Ach mnathan ri fuaigheal
'S cuid a ghruagaichean brònach.

Ach mnathan ri fuaigheal
'S cuid a ghruagaichean brònach
Bha mo chraobhag gheal fhìn ann
'S i na sìneadh air bhòrdaibh.