Back

'S Minig a Bha Sinn

Lyrics:

Sèist

"Hòbhan! Hòbhan!" ars an cù beag,
"'S minig a bha sinn," ars an cù bàn,
"Siubhal na h-àirigh," ars an cù beag,
"Hòbhan! Hòbhan!" ars an cù bàn.

"Uan air fàire," ars an cù beag,
"Uan air fhàgail," ars an cù bàn,
"Uan gun mhàthair," ars an cù beag,
"Hòbhan, Hòbhan!" ars an cù bàn.

"Till a-bhàn e," ars an cù beag,
"Chan fheàrr a chàradh," ars an cù bàn,
"Gabh an-àird air," ars an cù beag,
"'S fheudar teàrnadh," ars an cù bàn.

"Cuach air ògan," ars an cù beag,
"Seinn a h-òrain," ars an cù bàn,
"Eun nach còrd rium," ars an cù beag,
"Dh'fhàg i h-eòinean," ars an cù bàn.