'S Mithich Dhuinn Èirigh mo Nighean Donn
Lyrics:
Sèist
Bheir mi hò ro bha hò
'S mithich dhuinn èirigh
Mo nighean donn.
'S fheudar dhomh-sa dhol dhachaigh:
Tha mi fad' air mo chèilidh,
Mo nighean donn.
Is bheir mi m' aghaidh air Muile
Ged is duilich dhomh fheìn e,
Mo nighean donn.
Is mòr gruaman na h-iarmailt
Gaoth an iar a' cruaidh-shèideadh
Mo nighean donn.
'S tha na tonnan 's a' ghàirich
Tighinn gu tràigh le greann èitidh,
Mo nighean donn.
'S tha na craobhan mòr, meurach
Às na fhreumhaich ga reubadh,
Mo nighean donn.
Is eòin bhuchainn nan cluaintean
Leis an uabhas ga lèireadh,
Mo nighean donn.
Is eòin bheaga na coille
'N gob san doire fo sgèithidh
Mo nighean donn.
Tha na cithean trom sneachda
Dall-ghleachd anns na speuraibh,
Mo nighean donn.
Tha na h-uillt le dearg-rànaich
Sguabadh sgàirneach nan slèibhtean,
Mo nighean donn.
'S truagh mise 'n tìr Oisein
'S mi gun soistinn mu m' eudail,
Mo nighean donn.
'S nach comas dol thairis
Dh'fhios a' bhaile bheil m' èibhneas,
Mo nighean donn.
Far an d' fhàg mi mo leannan,
Maighdeann chlannach na fèile,
Mo nighean donn.