Back

'S Muladach Mi 'N-diugh 'S Mi 'g Èirigh

Lyrics:

Sèist

'S muladach mi 'n-diugh 's mi 'g èirigh
Anns a' phrìosan an Dùn Èideann;
'S muladach mi 'n-diugh 's mi 'g èirigh.

A Dhòmhnaill Ruaidh ud ann a Hàise,
Walkigeadh air feadh a' ghàrraidh,
'S olc a thig an deise bhàn dhut,
Ged bu shràiceil air an fhèill thu.

Uilleam MacArtair 's e cho gòrach,
'S eagal aige roimh na bòcain;
Cha tig gin dhiubh tron a' chòmhlaidh,
'S cha tèid bòrd dhith as a chèile.

Tha Iain Ceannaiche nas fheàrr dheth,
Pailteas aig' de Bheurla 's gràmar;
Nì e stòraidh ris a' warder
Feuch an ann as fheàrr a ghrèidheadh.

Uilleam Peutan 's e cho seòlta,
Ged nach eil a Bheurla dòigheil;
Abraidh e "Sir" riutha an còmhnaidh,
Mar bu chòir a bhith sa Bheurla.

O, a Theàrlaich 'Ic-an-Tòisich,
'S mairg a chunnaic ort an còmhdach;
'S snasail rachadh tu 'nad fhòram,
Dol Di-dòmhnaich don èisdeachd.

Facal beag mu bhean mo nàbaidh -
Thug iad i don chùirt as àirde;
Nuair a chunnaic iad a h-àilgheas,
Cha bu dàna leo a h-èigheach.

Seonaidh MacAoidhein 's e cho brònach,
A' caoidh Anna Nic-an-Tòisich;
Chan fhaigh cìobair i no Nòrman
Chaoidh ri bheò gus am faigh e fhèin i.

Ged a tha mo leabaidh fuar ann,
Ealag agam airson cluasaig,
Nuair a thilleas mi rim chuachaig,
Cha bhi fuachd a' dèanamh èis dhomh.

Ged a chuir sibh mi 'n a' phrìosan,
A' seasamh còir airson mo sgìre,
Gheibh mi fhathast as ur h-ìngean,
'S bidh mi sìnte ri mo chiad-ghràdh.

O, a Mhàiri Mhòr nan Òran,
'S math an drama thug thu dhòmhsa;
Ach ma thilleas mise beò às,
Gheibh thu còig airson na tè ud.