Back

'S Na Hù A Hò Chalumain

Lyrics:

Sèist

Na hì a hù Chalumain,
Fallain gum bi thu,
Na hì a hù Chalumain.

'S ann a chuir mi mach m' acair
Air a' charraig nach dìobair.

Air a' charraig nach caraich
Gus an caraich mi fhìn i.

Hò fhir a' chùil bhuidhe,
'S trom an cumha do ghaoil mi.

Hò fhir a' chùil steudaidh,
'S mòr an dèidh th' agam fhìn ort.

Hò fhir a' chùil shocair
Nach dochair na cìrean.

Hò Chaluim nan Calum,
Sùil meallaidh nan nìghneag.