Back

'S Tu Bu Toigh Leam

Lyrics:

Sèist

Ille dhuinn 's tu bu toigh leam
Co-dhiù 's math leam slàn thu,
O 'ille dhuinn 's tu bu toigh leam.

'S ann Diluain a ghluais thu
Is fhuair thu 'n uair nad fhàbhar.

'S ann leis an luing a sheòl thu
'S bu bhòidheach i air sàile.

Tha do phiuthar deurach
Ach 's truagh leam fhìn do mhàthair.

Nuair chunnaic mi do bhratach sgaoilte
Sheas mi mar a bha mi.

'S ann thug mi fhìn mo shùil dhìot
A-mach aig cùl Àirdfheàrnail.

Ged tha thu fhèin sna h-Innsean
Dh'fhàg thu gnìomh do làmhan.