Back

Salm 103

Lyrics:

Tha 'n Tighearn iochdmhor tròcaireach,
's mall fhearg, 's is pailt a ghràs.
Cha bhi e tagradh rinn do shìor
's cha ghlèidh e fhearg gu bràth.

A rèir ar peacaidh iomarcaich,
dìoghaltas oirnn cha d' rinn;
'S a rèir ar ciont' is easaontais
cha tug e luigheachd dhuinn.

Oir mar os ceann na talmhainn tha
na speuran àrd gach rè,
Is amhlaidh sin tha thròcair mòr
don dream don eagal e.

Mar tha an àird an ear 's an iar
a' gabhail fad o chèil';
'S co fhad a chuireas Dia nan gràs
ar peacaidh uainn gu lèir.