Back

Salm 116

Lyrics:

Is toigh leam Dia, airson gun d' èisd
rim ghuth, 's rim ùrnaigh fòs.
A chionn gun d'aom e rium a chluais
sìor èigheam ris rim bheò.

Chaidh umam dòrainn gheur a' bhàis,
ghlac piantan ifrinn mi:
Theann-ghlacadh mi le trioblaid thruaigh,
is àmhghar cruaidh dom chlaoidh.

Air ainm Iehòbhah ghair mi 'n sin,
(mar seo a' labhairt ris.)
O Dhia mò Thighearn, guidheam ort,
saor m'anam bochd a-nis.

A ta Iehòbhah gràsmhor, ceart;
's is tròcaireach ar Dia.
'S e ghleidheas daoine sìmplidh ciùin':
lag bha mi, 's dh'fhòir an Triath.

An sealladh Dhè, an tìr nam beò,
gu dìreach gluaisear leam.
Do bhrìgh gun chreid mi, labhair mi;
's mi air mo chlaoidh gu trom.

Am dheifir thubhairt mi mar seo;
'S breugach gach duin' air bith.
Ciod dh'ìocas mi do Dhia, airson
na rinn e dhomh de mhath?

Cupan na slàinte glacar leam,
air ainm Dhè gaiream fhèin.
Iocam mo bhòid do Dhia a-nis
an làth'r a shluaigh gu lèir.