Back

Salm 121

Lyrics:

Mo shùilean togam suas a-chum
nam beann, on tig mo neart.
On Dia rinn talamh agus nèamh,
tha m' fhurtachd uile teachd.

Cha leig dod chois air chor air bith
gun sleamhnaich i gu bràth;
Tàmh-neul cha tig sin air an neach
's fear-coimhid ort a-ghnàth.

Feuch, air fear-coimhid Israeil,
cadal chan aom no suain:
'S e Dia d' fhear-coimhid; 's e do sgàil
air do làimh dheis gu buan.

A' ghrian cha bhuail i thu san là,
no ghealach fòs san oidhch'.
Nì Dia do choimhead o gach olc;
Nì d' anam dhìon a-chaoidh.