Back
Salm 133
Lyrics:
O feuch, cia mheud am math a-nis,
cia mheud an tlachd faraon,
Bràithrean a bhith nan còmhnaidh ghnàth
an sìth 's an ceangal caoin.
Mar ola phrìseil air a' cheann,
ruith air an fheusaig sìos,
Air feusaig Aaroin, agus shruth
gu iomall 'aodaich rìs.
Mar dhealt air Hermon, 's mar an drùchd
air slèibhtean Shioin shuas;
'N sin dh'òrdaich Dia am beannachadh
a' bheatha shìorraidh bhuan.