Back

Salm 40

Lyrics:

Dh'fheith mi le foighid mhaith ri Dia,
chrom thugam, dh'èisd mo ghuth:
Is thug e à slochd uamhainn mi,
à clàbar criadha tiugh:

Air carraig chòmhnaird chuir mo chos;
mo cheuman shocraich e.
Is òran nuadh chuir e am bheul,
gu b' e siud moladh Dhè:

Chi mòran e, 's fo eagal bi 'd,
is earbaidh iad à Dia.
'S beannaicht' an duine sin gu dearbh
nì dòchas as an Triath,

Is nach gabh tlachd na toil air bith
do luchd an àrdain mhòir,
No fòs don dream a thèid a thaobh
gu ceilg, le saobhadh glòir'.

Is lìonmhor t'oibre iongantach,
a Thighearn is a Dhe,
'S do smuaintean oirnn: cha-n àirmhear iad
an ordugh dhuìt gu rèidh:

Na'n cuirinn iad an ceill gu mìn,
no fòs na 'n innsinn iad,
An àireamh rachadh thar mo neart,
aig lìonmhoireachd is meud.

Ofrail no ìobairt leat cha mhiann,
dh'fhosgail thu fhèin mo chluas:
Lochd-ìobairt agus ìobairt-loisgt'
cha d'iarr thu dhut chur suas.