Back

Salm 45

Lyrics:

Deagh adhbhar òrain naoimh is ciùil
a' deachdadh tha mo chrìdh':
Is labhram air na nithean sin
a rinn mi fhèin don Rìgh:

Mar pheann an làimh fir-sgrìobhaidh dheis
a chuireas sìos gu luath,
Is amhlaidh sin, mo theanga tha
air d-urram àrd a' luaidh.

Bhrìgh fìrinn, suairceis, agus ceirt,
marcaich gu buadhach àrd,
Is nithean uamhar teagaisgidh
do dheaslàmh dhut 's gach àit.

Rachadh do shaighdean geur' gu crìdh'
gach eascaraid an Rìgh:
Tre sin am poball tuitidh fo'd,
is nìthear leat an claoidh.

Gu suthainn is gu sìorraidh tha
do chathair àrd, a Dhè:
Slat-shuaicheantais do rìoghachd-sa
is slat ro chothrom i.

O 's ionmhainn leatsa còir is ceart,
is thug thu fuath don olc;
Os cionn do chompanach chuir Dia,
do Dhia-s', ol' aoibhneis ort.