Back

Salm 68

Lyrics:

Measg phota laigh sibh, ach bidh sibh
mar sgiath nan calman luath,
Falaicht' le airgead, is an cleit'
le òr as deirge snuadh.

Tràth sgaoil Dia uile-chumhachdach
na rìghrean innt' a-steach:
'N sin bha i geal mar Shalmon àrd,
's i uile làn de shneachd.

An sliabh ud, Dhè, is cosmhail e,
ri Basan measg nam beann,
Mar Bhasan mòr is amhlaidh e,
gu h-àrd a thog a cheann.

Carson a leum sibh, bheanntan àrd?
's e so àrd-thulach Dhè,
Am miann leis tàmh, is bithidh e
'n a chòmhnaidh ann gach rè.

Tha carbaid Dhè nam fichead mìl';
mìltean de ainglean treun':
Na theampall naomh tha Dia nam measg,
ionnan 's na Shinài fhèin.