Back

Salm 69

Lyrics:

O teasairg mise, Dhè mo neart,
oir dhòirt na tuiltean orm,
Is thàinig fòs air m' anam bochd
na h-uisgeachan le toirm.

An làthaich dhomhain tha mi 'n sàs,
gun àit an seasainn ann;
Le uisgean domhain ghlacadh mi,
is sruth dol thar mo cheann.

Tàim sgìth lem ghlaodhaich; agus tha
mo sgòrnan loisgt' le tart:
Mo shùilean tha air fàilneachadh,
feitheamh air Dia nam feart.

Is lìonmhoire na falt mo chinn
mo naimhdean gun chion-fàth,
'S an dream ud fòs lem b' àill mo chlaoidh
ro-ghuineach làidir tha.

An sin an nì nach tug mi leam,
dh'aisig ni uam gu beachd.
Dhia, 's fiosrach thu air m' amaideachd,
chan fhalaicht' ort mo lochd.

Nàir air mo sgàth-sa, Dhè, na leig,
O Thighearna nan sluagh,
Air neach air bith den aitim ud
tha feitheamh ort gach uair:

An dream sin, O Dhia Israeil,
gad iarraidh fhèin a tha,
Na leig gu bràth fo nàire iad,
no masladh air mo sgàth.