Back
Salm 72
Lyrics:
Ra linn-san bidh na fìreanaich
gu h-ùr a' fàs le blàth:
'S am feadh a bhios a' ghealach ann,
bidh sìochaint pailt a-ghnàth.
Bidh uachdranachd aig' mar an ceudn'
o thuinn gu tuinn gu sìor,
Is ruigidh siud on abhainn mhòir,
gu iomall crìoch gach tìr'.
Luchd-còmhnaidh fòs an fhàsaich chruaidh
sleuchdaidh iad sìos na làth'r;
A naimhdean imlichidh an ùir,
a' tabhairt ùmhlachd dha.
Rìgh Tharsis, is nan eileanan,
tìodhlacan bheir iad uap',
Bheir rìghrean Shèba, Sèba fòs,
tabhartais dha gu luath.
Seadh, fòs na fhianais sleuchdaidh sìos
gach rìgh air thalamh tha:
'S gach ginealach air feadh gach tìr,
dha seirbhis nì a-ghnàth.