Back

Salm 89

Lyrics:

Air tròcair Dhè sìor sheinnidh mi
is nì mi oirre sgeul;
O àl gu àl gu maireannach
air d' fhìrinn thig mo bheul.

Oir thubhairt mi, Gun togar suas
do thròcair mhòr do shìor:
Is d' fhìrinn cheart sna nèamhan àrd'
socraichear leat gu fìor.

Coicheangal rinn mi rim Aon naomh
a roghnaich mi gu sìor:
'S do Dhaibhidh tha na òglach dhomh,
mhionnaich mi fhèin gu fìor.

Socraichidh mi gu daingeann buan
do ghinealach 's do shìol,
Do chathair rìoghail togam suas
o linn gu linn gu sìor.

An coitheanal nan naomh gu beachd
's cùis eagail Dia gun cheist:
Àrd-urram o gach neach mun cuairt
dha 's dleasdanach am feasd.