Back
Salm 91
Lyrics:
Gu dearbh o rib an eunadair
nì esan fuasgladh ort,
Is nì do shaoradh mar an ceudn'
on phlàigh tha gràineil goirt.
Le 'itich nì e d' fhalach fòs,
bidh d' earbsa fo a sgèith;
Is fhìrinn bidh na targaid dhut,
mar sgèith dod dhìon gach rè.
Fa chùis an uamhais anns an oidhch'
cha bhi ort geilt no sgàth;
No fòs fa chùis na saighde bhios
a' ruith air feadh an là:
Cha bhi maoin eagail ort ron phlàigh
tha triall an dorchadas:
No fòs fa chùis an uilc a bhios
mu mheadhon là ri sgrios.
Bidh mìle tuiteam sìos rid thaobh,
deich mìle fòs rid dheis;
Ach olc dhiubh siud cha tig ad chòir
no 'm fagas dhut am feasd.