Back

Seinnidh Mi Duan Mu Chluaintean Eilean Mo Ghràidh

Smuaintean Air Tighinn an t-Samhraidh an Dùthaich Chèin

Lyrics:

O seinnidh mi duan mu chluaintean eilein mo ghràidh,
'S cho tric 's tha mo smuain air chuan dol thairis gach
latha,
Gu dùthaich nam beann, nan gleann 's nan lagan 's nam
bàgh,
Gu eilean an fhraoich nan laoch 's nan cruinneagan
àillt.

Gach sruthan is allt nan deann 's an turas gu tràigh,
Canach nam beann air samhradh ceanalt cur fàilte;
Na lusan nach gann 's gach gleann 's a chinneas air
blàr,
Gur maiseach an gnùis 's an driùchd a' sileadh mum
bàrr.

Bidh na h-eòin le Sèist air slèibhtean gleannan an
fhraoich,
Bha sa gheamhradh fo bheud 's gun teud nam feadanan
caol,
Bidh caoraich is uain feadh bhruach is mhonadh gach
taobh,
Far 'n robh mi glè òg le sòlas balaich nam chridhe.

A' chuideachd bha grinn bha coibhneil ceanalt ri chèil'
Nuair chruinneachadh sinn cruinn sna glinn 'n dol
fodha na grèin';
A-nuas mu na tuim bhiodh sgoinn air aighean an
t-slèibh,
'S na cruinneagan òg le òran leannain nan dèidh.

Bho chaidh mi air chuan air chuairt gu cladaichean
cèin,
Chan fhaic mi feadh chluain an snuadh th' air
gleannan nan geug
Chan fhaic mi an luachair uaine aig sruthain an
t-slèibh,
No idir am fraoch fo bhraon air madainn a' Chèit'.

Bho iomadach àite is ceàrnaidh farsaing fon ghrèin,
Tha iomadach àl a' tàmh mun chala seo fhèin;
'S do eòlas an teang' bho chinn am fine 's an treubh,
Tha Gàidhlig nam beann neo-bhinn gun ghrinneas gun
sgèimh.

Tha sruth nan eas mòr a' dòrtadh thairis le toirm,
Na craobhan gun leòn nan glòir 's an duilleach cho
gorm;
Thar bòidhchead gach àit' ri àilleachd laighe na
grèin,
'S i mòinteach an fhraoich 's as caomh ‘s as maisich
leam fhèin.