Back
Seo Nam Shìneadh air an t-Sliabh
Lyrics:
Sèist
Seo nam shìneadh air an t-sliabh,
'S mi ri iargain na bheil bhuam,
'S tric mo shùil a' sealltainn siar,
Far an laigh a' ghrian sa chuan.
'S truagh nach robh mi an tràth-s'
Air an tràigh as àirde stuagh,
Ag èisdeachd ri còmhradh tlàth
Th' aig an òigh as àillidh snuadh.
O nan innseadh dhomh ghaoth 'n iar
Nuair a thriallas i thar sàl,
Ciod an dòigh a th' air mo ghaol
Bheil i smaointinn orms' an tràs?
Nuair a shìn mi dhut mo làmh
Air an tràigh a' fàgail tìr,
'S ann air èiginn rinn mi ràdh
"Soraidh leat, a ghràidh mo chrìdh'".
Nuair a thug mi riut mo chùl
Chunnaic mi thu brùchdadh dheur,
Ged a shuidh mi aig an stiùir
'S ann a bha mo shùil am dhèidh.