Back

Sìne Bhàn

Lyrics:

Blàth nan cailin, Sìne Bhàn
Reul nan nighean, dìleas òg,
Cuspair dìomhair i dom dhàn,
Gràdh mo chridh', an rìbhinn òg.

Àros sona bh' againn thall
Àirigh mhonaidh, innis bhò.
Sgaoil ar sonas uainn air ball
Mar roinneas gaoth nam fuar-bheann ceò.

Bruaillean cogaidh anns an tìr
Faic an long a' togail sheòl,
Cluinn an druma 's fuaim na pìob
Faic na suinn a' dol air bòrd.

Feumaidh mise triall gun dàil
Chi mi 'm bàrr a croinne sròl.
M' eudail bhàn, o soraidh slàn
Na caoin a luaidh, na sil na deòir.

Cha ghaoir-cath' no toirm a' chàs'
Dh'fhàg min dràsd' fo gheilt is bròn
'S e na dh'fhàg mi air an tràigh,
Sìne Bhàn a rinn mo leòn.

Sìnte 'n seo air achadh blàir,
'S duine 'mhàin cha tig nam chòir
O, 's nach robh mi anns an Àird
Le Sine Bhàn a' ruith nam bò.

Ma tha e 'n dàn mi bhith slàn
Stadaidh ràn nan gunnan mòr
Am Baile Mhonaidh nì mi tàmh
Le Sìne Bhàn, mo rìbhinn òg.