Sìoman Donn
Lyrics:
Sèist
Sìoman donn, fada, donn
Sìoman donn, 's beag mo thlachd dheth;
Sìoman donn, fada, donn
Sìoman donn, 's beag mo thlachd dheth.
Siud an luibh a bha dhuibh daor,
Chùm sibh bho adhradh na madainn;
'S mur tig cobhair bho Dhiardaoin,
Fo na taoid thèid do cheangal.
'Ille, ma tha agad pìob
Thig a nìos, dèan do gharadh.
"Chan eil agam ach rud crìon;
'S beag dhomh fhìn e gu madainn."
Nuair thèid cearc, an "Doll", gu feum
Bheir i leum air an fharadh;
Beiridh i 'n t-ugh bòidheach, rèidh,
'S air an fhèill nì i passadh.
B' fheàrr leam fhìn na mìle crùn
Gu robh do dhùrachd bhith agad -
Sgiobadh làidir 's bàt' fo siùil
Bheir a-null thu do Reachlainn.
Far a faigh thu sìoman donn
Thogadh fonn air do mhala,
'S nuair a thilleadh tu don tìr
Gum biodh sìth aig a' bhaile.
'S duilich leam thu bhith cho gòrach
'S a spliùcan ròin rinn thu chagnadh
A bha agad ann ad phòc'
Le cìocras mòr airson tombaca.