Siream Sìos, Siream Suas / Cìobairean Taobh Loch Odha
Lyrics:
Siream sìos, siream suas, cha robh mòr de Ruaraidh agam
Siream sìos, siream suas, cha robh agam Ruaraidh.
Nuair a dh'èirich mi sa mhadainn cha robh mòr de Ruaraidh
agam,
Nuair a dh'èirich mi sa mhadainn cha robh agam Ruaraidh.
Fhuair mi crùisgean 's rinn mi lasadh 's sheall mi anns
gach cùil is callaid;
Fhuair mi Ruaraidh measg na rainich falach gus na cluasan.
'S èirig air a chùis mar thachair, cha robh feum air dol
na b' fhaide,
Nuair a shaoil leam e bhith agam, cha robh agam Ruaraidh.
Ciod e 'n driod-fhortan a thachair, bha sinn còmhla dol a
laighe
Ach nuair dhùisg mi anns a' mhadainn cha robh agam
Ruaraidh.
Dreach eile:
Siream sìos, siream suas, cha robh cnàimh de Ruaraidh agam
Siream sìos, siream suas, cha robh cnàimh de Ruaraidh.
Nuair a dhùisg mi anns a' mhadainn cha robh cnàimh de
Ruaraidh agam,
'S ann bha Ruaraidh anns an leabaidh a' gearain gun robh
fuachd air.
Siream sìos, siream suas, cha robh cnàimh de Ruaraidh agam
Siream sìos, siream suas, cha robh cnàimh de Ruaraidh.