Back

Siuthadaibh Bhalachaibh / Tha Fionnlagh Ag Innearadh

Lyrics:

Sèist

Siuthaidibh bhalachaibh, siuthaidaibh siuthaidaibh, siuthaidibh bhalachaibh, siuthaidibh (x3)
Siuthaidaibh bhalachaibh, togarrach, togaibh ri a h-aodach.

Chuala mi e, chuala, chuala,
Chuala mi aig triùir e (3)
O chuala mi aig ceathrar e
Gun chuir mo leannan cùl rium.

Pòsaidh mi e, pòsaidh, pòsaidh
Pòsaidh mi dha-rìribh (3)
O pòsaidh mise an gille donn
Ma tha e ag ràdh na fìrinn.

Tha Fionnlagh ag innearadh, tha Fionnlagh ag innearadh
Tha Fionnlagh is Màiri a' ràcadh an innearaidh.
Tha Fionnlagh ag innearadh, tha Fionnlagh ag innearadh
Tha Fionnlagh leis a' bhriogais odhar a' cur fodha an innearaidh.

Thèid Màiri a mharbhadh, a mharbhadh, a mharbhadh
Thèid Màiri a mharbhadh leis an eallach arbhair.
Thèid Màiri a mharbhadh, a mharbhadh, a mharbhadh
Thèid Màiri a mharbhadh leis an eallach arbhair.