Back

Smeòrach Chlann Dòmhnaill

Lyrics:

Sèist

Hoilibheag hilibheag hò ail il ò
Hoilibheag hilibheag hò ro i
Hoilibheag hilibheag hò ail il ò
Smeòrach le clann Dòmhnaill mi.

Smeòrach mise air ùrlar Phaibil
Crùbadh ann an dùsal cadail
Gun deòrachd a thèid nas fhaide,
Truimid mo bhròn, thoir leum m' aigne.

Smeòrach mise air mullach beinne
'G amharc grèin is speuran soilleir;
Thig mi stòlda chòir na coille
Bidh mi beò air treòdas eile.

Ma mholas gach eun a thìr fèin
Cuime thar èis nach moladh mise e?
Tìr nan curaidh, tìr nan cliar,
An tìr bhiadhchar fhialaidh mhiosail.