Back

Soraidh Do Mhuile

Lyrics:

Beir mo shoraidh do Mhuile
Far 'n do chleachd mi bhith òg,
A bhith cleasachd mu d' bhruachan
'S a bhith cuallach nam bò,
Le do bheanntannan àrda
'S do gleanntan cho uain',
Chan eil eilean air Ghàidhealtachd,
A bheir bàrr ort an snuadh.

Gheibhteadh fèidh anns na frìthean
Agus iasg anns an t-sàl,
Bradan san linne
Agus maorach san tràigh,
Coileach dubh agus ruadh-chearc
A' gogail san fhraoch;
Chan eil àicheadh air thalamh
Air eilean mo ghaoil.

Nuair thig Dùbhlachd a' gheamhraidh
Air do bheanntan bidh gruaim,
'S bidh caoirgheal air d' alltain
Nan deann-ruith gu cuan.
'S ged shileadh na siantan
Le 'n gailleann is fuachd,
Chaoidh cha dìobair mi 'n t-àite,
Cho fad 's bhios mi buan.