Soraidh Leibh is Oidhche Mhath Leibh
Lyrics:
Sèist
Soraidh leibh is oidhche mhath leibh,
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh;
Guidheam slàinte ghnàth bhith mar ribh;
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh.
Chan eil inneal-ciùil a ghleusar
Dhùisgeas smuain mo chlèibh gu aoibh
Mar nì duan o bheòil nan caileag;
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh.
'S guth gum chridhe pong nan òran,
Caidir sòlais òigridh seinn;
Aiteal ciùin air làithean m' òige;
Sonas a bhith 'n-còmhnaidh leibh.
Màthair uisge 'n tobair fhìoruisg,
Cainnt ar sinnsir, brìgh na loinn;
'S faochadh tlàth o ànradh m' inntinn
Nuair bheir rann na glinn am chuimhn'.
Grian cha laigh a-nochd air mìltean
Leis am binn a fuinn 's a roinn
'S dom bidh 'n sgeul na mhòr-thoil-inntinn
Dh'innseas dhaibh gun robh sinn cruinn.
Astar cuain cha dèan ar sgaradh,
'S dùrachd daimh am bannaibh toinnt;
Glèidh an t-àgh na dh'fhàg a bheannachd
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh.
Thuit ar crann air saoghal carach;
'S coma siud, tha mhaitheas leinn;
"Bidh sinn beò an dòchas ro-mhath":
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh.