Tàladh Chrìosda
Lyrics:
Mo ghaol, mo ghràdh, is m' eudail thu!
Gur m' iùnntas ùr is m' aoibhneas thu!
Mo mhacan àlainn, ceutach thu!
Chan fhiù mi fhìn a bhi 'd dhàil
Aleluia, Aleluia, Aleluia, Aleluia.
Mo ghaol an t-sùil a sheallas tlà!
Mo ghaol an cridh' tha lìont' le gràdh!
Ged is leanabh thu gun chàil
'S lìonmhor buaidh tha ort a' fàs.
Aleluia, Aleluia, Aleluia, Aleluia.
Tha mi ag altram Rìgh na Mòrachd!
'S mise màthair Dhè na Glòrach!
Nach buidhe, nach sona dhomhsa!
Tha mo chrìdhe làn de shòlas.
Aleluia, Aleluia, Aleluia, Aleluia.
'S tu Rìgh nan Rìgh, 's tu Naomh nan Naomh,
Dia am Mac thu 's siorraidh t-aois,
'S tu mo Dhia 's mo leanabh caomh,
'S tu àrd Cheann-feadhna chinne-daonda.
Aleluia, Aleluia, Aleluia, Aleluia.
'S tusa grian gheal an dòchais
Chuireas dorchadas air fògairt,
Bheir thu clann-daoin' bho staid bhrònaich
Gu naomhachd, soilleireachd, is eòlas.
Aleluia, Aleluia, Aleluia, Aleluia.
Hosanna do Mhac Dhaibhidh,
Mo Rìgh, mo Thighearna, 's mo Shlànaighear!
'S mòr mo shòlas bhi gad thàladh,
'S beannaichte measg nam mnài mi.
Aleluia, Aleluia, Aleluia, Aleluia.