Back

Tàladh Phabail

Lyrics:

Caidil gu sèimh a chagarain ghaolaich,
Caidil gu sèimh, o caidil gu latha;
Borbhan a' ghlinne an iomall an aonaich
Cagarsaich daonnan, caidil a ghràidh.

Gorm-shùilean meallach fo rosgan a' dùnadh,
Caidil 's na dùisg gu glasadh nan tràth,
Ainglean nam Flaitheas ri faire le dùrachd,
Chagarain ghaolaich caidil an-dràst'.

Càit' am bi d' imeachd, o ciod tha san rùn dhut?
Cuin' a bheir ùine follais an dàn?
Coma leat, fuirich is dùin-sa do shùilean,
M' ulaidh, mo rùinean milis gu bràth.