Back

Tè a' Chinn Lèith

Lyrics:

Tè a' chinn lèith'
Hò ho-ro hì,
Gun duine, gun sprèidh
Hò ho-ro hì.
Tè a' chinn lèith'
Hò ho-ro hì,
Ri mulad 's ri caoidh an fhir bhàin.

'S e 'n là bha siud fhèin
A lìon i le bròn
'S a dh'fhàg i gun fheum
'S a cridh' air a leòn;
A' falbh gu tìr chèin
Bha esan ga dheòin
'S ga fàgail-se truagh 's a' Chnoc Bhàn.

Is tric a bhios i
A' smaointinn san là
Air fear dan tug i
A cridhe, 's a gràdh;
Ach nise, a rìgh,
Tha a h-inntinn fo phràmh
'S i coimhead mar tè air a dìteadh.

Aig toiseach an nì
Bha ise cho rèidh
A' fuaigheal 's a' figh'
'S neart anns gach fèith.
B' e 'n tè i gun bhrìgh,
Gun tuigse, gun stèidh
'S a h-iodhall a' falbh fo a sùilean.

Bha tèile ri taobh
'S cha robh i cho clì
No idir cho naomh
'S deònach air sìth;
Ach bha i cho caomh
'S a bòidhchead gun dìth
Gun fhreagair i sùil an fhir bhàin.

Chan fhada gu falbh
An t-òganach còir
'S deònach do shealbh
Gunn tig e na tòir;
'S e 'n tèile bhios balbh
'S mùgach gu leòr
Nuair thuigeas i dealbh an fhir bhàin.

A chailin, a luaidh,
'S e thusa bha faoin
A' cogadh gu cruaidh
'S a' cosg do chuid mhaoin.
Gur tric fo do stuaidh
A ghabh thu droch staoim
Le feagal nach sìneadh e làmh riut.