Back

Tè Bhàn, Tè Bhàn

Lyrics:

Sèist

Tè bhàn, tè bhàn, tè bhuidhe bhàn,
Tè bhàn a rinn mo bhuaireadh;
Cha chreid mi fhìn nach fhaigh mi làmh
Tè bhàin as àillidh cuailean.

Gur mis' tha cianail na mo thàmh
An tràth seo ort a' smuaintean,
biodh an cuan na thalamh tràight'
Gu ruiginn tràth Diluain thu.

Bha mòran òigridh anns an àit'
Lem b' àill do thabhairt uamsa;
Cho fad 's a ghlèidh mi fhìn do làmh
Bha d' inntinn blàth rim ghualainn.

Bho rinn mi gluasad às an àit',
San robh mi làmh rim ghruagaich,
Tha m' inntinn luaisgeanach gun tàmh,
Gun chàil a thogas suas i.

Nam bithinn-sa mar eala bhàin,
A shnàmhas thar nan cuantan,
Gum bithinn oidhche riutsa làmh,
Is càch nan cadal suaimhneach.

Nuair a bhitheas mi leam fhìn
'S neo-shìtheil bhios mo smuaintean
A' smaoineachadh mu d' aodann
Gus an sgaoil mo bhruadar.

An uair a thèid mi cuairt na sràid
'S a chì mi càch rim ghualainn
Bheir e na mo chuimhne 'n tràth
A bha sinn anns a' bhuaile.

Nach truagh nach robh mi anns a' ghleann,
Sam b' annsa leam bhith gluasad,
Is ged biodh m' inntinn dubhach, trom,
'S e thogadh sunndach suas i.

Gach eala bhàn a thèid air snàmh,
Gach faoileag bhàrr nan cuantan,
A' giùlan uamsa soraidh slàn'
Don àit' sa bheil mo ghruagach.

Gach creag is allt is cnoc is gleann
Air feadh nam beann san gluais sinn,
Toirt fianais air na thuirt sinn ann
Ma bhios am bann air fhuasgladh.