Teann a-nall
Lyrics:
Sèist
Teann a-nall 's thoir dhomh do làmh,
Teann a-nall 's thoir dhomh do làmh,
Teann a-nall 's thoir dhomh do làmh,
Is bheir mi sgrìob do dh'Uibhist leat.
Tha am feasgar ciùin 's na siantan blàth,
Tha ghrian san iar mar mheall den òr,
Tha an cuan mar sgàthan gorm gun sgleò,
'S bu mhòr mo mhiann bhith 'n Uibhist leat.
Tha sìth air aghaidh beinn is raon,
Tha fàileadh cùbhraidh thar an fhraoich,
'S tha neòinean bhòidheach fàs gach taobh,
'S bu mhòr mo mhiann bhith 'n Uibhist leat.
Na h-eòin a' seinn air bhàrr nan geug
'S an seillean tional mil dha fhèin
Na h-uain a' mireag-ruith 's a leum
'S bu mhòr mo mhiann bhith 'n Uibhist leat.
Tha 'n iarmailt gorm gun lorg air neul
An sruthan torghan nuas bhon t-sliabh
A' chuthag ghlas 's gùg-gùg na beul
'S bu mhòr mo mhiann bhith 'n Uibhist leat.
Tha 'n crodh a' geumnaich anns a' chrò
A' bhanarach 's a cuach na dòrn
A' seinn a duan 's i bleoghann bhò
'S bu mhòr mo mhiann bhith 'n Uibhist leat.
Bu mhòr mo mhiann bhith 'n siud san àm,
Is m' inntinn fad' bho thìr nan Gall,
Ag èisteachd sgeulachd, òran 's rann,
'S bu mhòr mo mhiann bhith an Uibhist leat.
Tha pòr na machrach làn de bhiadh
Tha breac air linne 's lach air sgiath
Tha iasg am pailteas sa Chuan Shiar
'S bu mhòr mo mhiann bhith an Uibhist leat.
Is dìomhain dhuinne bhith cho faoin
A' siubhal saoghail ruith gach maoin,
Tha beatha is slàinte an tìr mo ghaoil,
'S gun tèid mi thàmh do dh'Uibhist leat.