Back

Tha An Gràdh Seo Cho Làidir

Lyrics:

Tha an gràdh seo cho làidir, bàs chan fhaigh làmh air
no buaidh
Na tuiltean cha bhàth e, oir 's cuan e tha lànachd bith-bhuan;
'S an dream a fhuair pàirt dheth, cha bhith iad dheth
sàsaicht' nan cuairt;
'S ann a' tòiseachadh tha e, nuair a ruigeas iad Pàrras le buaidh.

Tha an gràdh seo cho dìomhair 's nach gabh e le briathran a luaidh
Oir bha e aig Dia mun robh talamh no grian ann, no cuan;
'S bho rùnaich an Trianaid gun tigeadh mac sìorraidh a-nuas
A phàigheadh na fiachan, 's a ghabhadh air ìomhaigh a shluaigh.

'S e gràdh e nach tòimhsear, chaidh e thar gach eòlas gu lèir.
Rinneadh iomradh le Pòl air, le Peadar, 's le
Eòin mar an ceudn';
Is fhuair mnathan còir air, chuir Moir' e gu
sònraicht' an cèill.
'S e thug Rut is Naomi a-mach à tìr Mhòab le chèil'.

An eaglais a fhuair thu 's a' chùmhnanta shuas mun do
dh'fhàg
Chùm thu do shùil oirr' a dh'aindeoin eas-ùmhlachd
dha d' àithn';
'S tu ag innse gu soilleir dhith oighreachd is
saibhreas do ghràis
Bha i agad cho mùirneach 's gun deach thu don ùir air
a sgàth.

Tha 'n eaglais 'san fhàsach a' gearain gach là air a
truaigh',
'S i beò air a' mhàna ga thional gach tràth thig e
nuas.
Ged tha truaillidheachd nàdair, peacadh is bàs rithe
fuaight',
Tha thu 'g ràdh, "Tha i àillidh", 's tu 'g amharc oirr' 'n sgàthan an uain.

Ach caidlidh air uairibh is fàsaidh i suaimhneach is mall
Ach dùisgidh tu suas i is thèid i air ghluasad air ball;
Dol man cuairt as na sràidean a' faighneachd do phàirt dhan bhios ann
Am faca sibh 'n àillidheachd cuspair mo ghràidh-sa th' air chall?