Back

Tha Ciaradh air an Fheasgar

Lyrics:

Tha ciaradh air an fheasgar, 's tha ghrian a' dol mu thàmh
A' cromadh bho a h-àirde 's a' cur a gathan thar an t-sàil;
Tha 'n t-uisge fèin gun luaisgean air, a' gluasad rèidh gu tràigh
'S na faoileagan is sgriach aca a' sgiathalaich mu bhàrr.

Chluinn mi glugraich uisg' an uillt an glumaig anns a' ghleann,
Is eun ghobhraich na h-oidhch' 's an treun dha freagradh thall;
Chluinn mi osnaich sgìth agus cnàmh an cìr nam bò
O sealladh àillidh àghmhor Chèit', seo nàdar fèin na glòir.

Chì mi toit nan teine mònach dol còmhnard liath-ghorm mall
Nan camacanaich gun chòmhstri co-mheasg ri neòil nam beann;
Chì mi caoraich len cuid òg-uan 'n cois airson na h-oidhche
Gach eun is ainmhidh air an tàladh le sàmhchaireachd a' ghlinn.

Siud an gleann a tha leam àghmhor, siud a' gheàrraidh sa bheil m' ùidh
Gheibh mi carthannas is nàbachd bho chàirdean mo rùin;
Gheibh mi tàmh air leabaidh luachrach, falbhaidh uallach dhìom is sgìths
B' annsa leamsa àirigh mòintich na bhith 'n lùchairt an rìgh.