Back
Tha Fadachd Orm Fhìn
Lyrics:
Fadachd air muin fadachd orm
'S a rì gur fhad on uair sin
Sèist
Tha fadachd orm fhìn a rì
'S mi ri dol a ghluasad.
Tha fadachd orm fhìn a rì.
'S fhada leam gun tig thu
Leis a' phige air do ghualainn.
'S fadach orm gu sìn mi
Mi fhìn air do chluasag.
Coltach cùl mo leannain-sa
Ri Ailig Dhòmhnaill 'ic Ruaraidh
Tha 'n t-uisge nochd air Ròineabhal
'S tha ceò air Beinn a' Chuailein
Ged bu dubh le càch thu
Bu tu mo sgàthan guaillidh
'S chunnaic mi dol seachad thu
Is deise thartain uain' ort.
Fadachd air muin fadachd orm
Bho rinn mo leannan gluasad.