Back

Tha Mi Duilich, Duilich, Duilich

Lyrics:

Tha mi duilich, duilich, duilich
Tha mi duilich, duilich, tha
Tha mi duilich, duilich, brònach,
Fàgail Steòrnabhagh mo ghràidh.

Chan eil dùil a'm tilleadh tuilleadh,
Ma thèid mu idir gu sàl;
'S falt mi chinn 's e dhòmhs' ag innseadh
G' eil mo thìde gu bhi 'n àrd.

'S e an nì tha ga mo ghluasad,
Freasdal thigh'nn mun cuairt le bàs;
Mi leanntainn mo chiad-ghin gaolach,
Chun na tìr' tha thar an t-sàil.

Chan fhaicear leam Eilean Leòdhais,
Chan fhaic min Tiùmpan no 'n Àrd
Chan fhaicear leam clagh na h-Aoidhe,
Ged tha m' inntinn ann gach là

Far na dh'fhàg mi leth mo chridhe;
Dh'fhàg mi ghill' ann nach robh ceàrr;
Dh'fhàg mi 'n assunn bha nam thaobh ann,
Cnàimh bu ghaolaich leam na càch.

Chan fhaigh mi dubhan gu iasgach
Cha toir mi biathadh à tràigh;
Chan fhaic mi eathar le seòl ann;
Rian bith-beò a bh' aig a' bhàrd.

Tha nis an ùin' a' tarraing faguisg,
Tha 'n t-Earrach againn 's a' Mhàirt;
'S mus tèid sìol a chur 's an talamh,
Bidh mo dhachaigh air dol fàs.