Back
Tha Mi Fo Chùram
Lyrics:
Sèist
Tha mi fo chùram a dhiù ro èileadh
Tha mi fo chùram, 's fo mhòran tùrsa
'S mo cheist air cùirteir a' bhroillich ghlè-ghil
Tha mi fo chùram a dhiù ro èileadh.
Tha mi fo ghruaimean 's gur fhad on uair sin
Ma ghaol a' bhuachaill', 's cha chual' e fhèin e.
Ma gheibh mi airgead a bheir air falbh mi
Gu lean mi Tormod 's cha dealaichinn fhèin ris.
Mo cheist an cìobair tha 'n cois na frìthe
'S mo chridhe 'g innse nach dèan e feum dhomh.
Nach mi bha gòrach an dùil ri pòsadh
Gun stoc, gun stòras, gun òr, gun Bheurla.
Mo cheist an t-òigfhear dhan fhine Leòdach
Le meud mo ghòraich gur mòr mo spèis dhut.
Mo cheist an t-uasal le bhreacan guailleadh
Chaidh seachad suas air Diluain na Fèilleadh.