Back

Tha Mo Spiorad Cianail

Lyrics:

Tha mo spiorad cianail
Gach latha tha sa bhliadhna
'S e dh'fhàg mi òg ri liathadh
Nach fhaod mi triall do chladaichean.

Cha chluinn mi sàl rim chliathaich
A' tràthadh no ri lìonadh
'S na bàtaichean ri iasgach
Gu rianail mu do chamasan.

Chan fhaic mi stamh no maorach
No 'n duilisg milis craobhach
Ged 's tric a bha mi crùbach
Gam buain far taobh nan carachan.

San fheasgar ceòthar bàghach
Nì an eathar seòladh sàmhach
Cha chluinn mi fuaim nan ràmh aic'
No fuaim an t-sàl mun toiseach aic'.

Cha chluinn mi dìog nan cliabh aic'
Nuair bhios iad a' toirt an èisg ast'
'S na balaich bheag ag èigheachd
A' ruith 's a' leum 's iad casruisgte.