Back

Tha Nì Sònraichte Air M' Aire

Lyrics:

Air fath li ni li, li ni niudh, li ni nillidh
Air fath li ni li, li ni niudh, 's hi ho ro:
Air fath li ni li, li ni niudh, li ni nillidh;
Chan eil àite air an talamh nach fhanamaid beò

Tha ni sònraichte air m' aire
B' e mo mhiann bhith ga aithris -
Tha e daonnan nam shealladh,
A' cur m' aighear gu bròn;
'S ged a bhithinn cho maireann
'S cho buain le Mac-Talla,
Bidh mo chridhe ga aiseag
Gu madainn na h-òige'.

'S ged a gheibhinn gach saidhbhreas
Na tha sgrìobht' aig an oighreachd,
Chuireadh mais' agus loinn
Far 'n robh oillt dhaoine mòr'
B' fheàrr leam cadal air cluasaig
Far an duisginn gun uallach
Na bhith snàmh chun na gualainn
Air feadh chuantan dhen òr.

O, nach fhaicinn aon sealladh
Mu sìn mi san anart
Air an sprèidh bha mi 'g aire
Feadh gleanntan nan ceò
Gun tig luaths air mo bhilean
'S bidh mo shùilean a' sileadh,
A' smaointinn nan chridhe
Nach till iad nas mò.

Tha gach cnoc agus carnan
Tha gach tobht' agus garradh
Far 'm bu tric an do dh'fhàg mi
Mo làrach gun bhròig;
Nis bhon thàinig an caochladh,
Chan fhaic mun crodh-laogh ann
Ach fasadh fo chaoraich
Far an robh raointean den eòrn'.