Lyrics:
Tha Sgìre Shnigheasort fo bhròn,
Chan iongnadh 's mòr a chaill i
Chaill i ceannard 's a robh 'n dòigh
'S a lochran anns an oidhche;
Chaill i Bhuachaill 's a robh iùil
'S bha ùghdarras mar cheannard
'S na h-uile ceum a rinn e fhalbh
Toirt dearbhadh air mo chainnt-sa.
'S fad a dh'fhan sinn na ur tàmh
Ag èisteachd gàir nan alltan
An dùthaich Bhàbailion an sàs
Air clàrsaichean gun srann ac';
Air geugan seilich crochte suas
Cha chluinnear fuaim nur camp'
Ach caoidh is bròn, na laigh fon fhòd
'S nach pill nas mò dar n-ionnsaidh.
Tha sinn a' caoidh na laigh san uaigh
'S ann bhuain tha 'n t-adhbhar ionndrainn
'S e Maighstir Ruaraidh ceann nam buadh
Nuair reigheadh e suas don chùbaid.
Bhiodh osna throm bho ghrunnd a chlèibh
Is staid a threud ga chiùrradh
E ga faicinn ann a' sàs
Fo chumhachd bàis gun dùsgadh.
Ged a rinn sinn luaidh air d' ainm
A thaobh do dhealbh 's do mhòrachd
Cha do dh'èirich na ur latha
Na lìonadh d' àite-còmhnadh
A thaobh do ghliocais is do rian
Do Dhiadhachd agus d' eòlas
Bha thu nad eisimpleir don treud
'S na h-uile ceum sa chòmhnard.
Na lìonas d' àite dhuinn cha d' fhuair
'S cha dual dhuinn fad 's is beò sinn
Bha thu bàidheil ris a' chloinn
'S nad shaighdeir far 'm bu chòir dhut;
'S an dream rinn ceangal riut le gràdh
Nad dhèidh tha cràiteach brònach,
A' caoidh an-diugh nach robh thu ann
Bhon theann iad ris a' chòmhstri.
'S truagh nach tuiteadh talainn gaol
Air aon a thig nad àite
Tomhas mòr de spiorad Dhè
Le ciall 's le tuigse nàdair
A dhèanadh dìon dhuinn nar linn
Don dìlleachdan a dh'fhàg thu
'S i 'n-diugh a' caoidh 's i dol mun cuairt
Mar uan a chaill a mhàthair.
Tha thu nis nad sholas làn
Aig fois nad àite-còmhnaidh
Do phailm 's do chlàrsach nad làmh
'S tu seinn gu binn an òrain
Don Tì rinn sagart dhìot is Rìgh
'S a dh'ionnlaid bhuat an neò-ghlan
'S a shiab na deòir bha fo do shùil
'S a chuir an crùn le glòir ort.