Back

Thàinig an Gille Dubh Raoir don Bhaile Seo

Lyrics:

Sèist

Thàinig an gille dubh raoir don bhaile seo;
'S trom mo cheum on thrèig mo leannan mi;
Thàinig an gille dubh raoir don bhaile seo.

Is mis' tha gu tinn le goirteas mo chinn;
'S ged rachadh mi an chill, cha till mo leannan rium.

M' ulaidh 's mo ghràdh fear dubh agus bàn;
Chan innis mi chàch gu bràth do ghealladh dhomh.

Is iomadh bean òg, le sìoda agus sròl,
A chunntadh le deòin, mu chrò, crodh-bainne dhut.

Is guirme do shùil nan dearcag fon driùchd;
'S gur finealt do ghnùis na ùr-ròs mheanganan.

Sealgair a' gheòidh 's an lach air an lòn;
'S nam biodh i nad chòir gun leòinte a' mhaigheach leat.

Stiùirich a' chuain, air bharraibh nan stuadh,
Ri latha fliuch, fuar, mo luaidh de fhearaibh thu!

Mo bheannachd ad dhèidh, ma dh'fhàg thu mi fhìn;
Ach guidheamaid cèile beusach, banail dhut.