Back

Thèid mi dhachaigh

Tàladh Shìophoirt

Lyrics:

Theid mi dh'Urraigh, bhuain a' mhurain,
Theid mi dh'Urraigh leat a ghràidh bhig,
Theid mi dh'Urraigh, bhuain a mhurain,
Theid mi fhìn le m' rùn a Gheàrrloch.

Thèid mi fhìn, leam fhìn, leam fhìn ann,
Thèid mi fhìn leam, thèid mi màireach,
Thèid mi fhìn, leam fhìn, leam fhìn ann,
Theid mi fhìn le m' rùn a Gheàrrloch.

Leagainn thu, thogainn thu, leagainn thu, thogainn thu,
Leagainn thu, thogainn thu, a ghràidh do mhàthair,
Leagainn thu, thogainn thu, leagainn thu, thogainn thu,
Leagainn thu, thogainn thu, agus dhèanainn do thàladh.

Nam b' ann leam fhìn thu, fhìn thu, fhìn thu,
Nam b' ann leam fhìn thu, dhèanainn do thàladh,
Leagainn thu, thogainn thu, leagainn thu, thogainn thu,
Leagainn thu, thogainn thu, agus dhèanainn do thàladh.

Thèid mi dhachaigh ho ro dhachaigh
Thèid mi dhachaigh, thèid mi màireach,
Thèid mi dhachaigh ho ro dhachaigh
Theid mi fhìn le m' rùn a Gheàrrloch.