Back

Thig an Smeòrach as t-Earrach

Lyrics:

Gur h-e mise tha fo mhulad
Is chan urrainn mi chaochladh,
Dh'fhàg thu sac air mo ghiùlan
Is cha dùth dhomh bhi aotrom,
Gur a cràiteach mo chridhe
'S càch gun fhios gu dè 'n t-adhbhar
Tha mi cumha mo leannain,
'S trom bha m' anam an gaol air.

'S truagh nach robh mi am leabaidh
Ann an greadadh an fhiabhrais
Mu an d' thug mi 'n cion falaich
No mum faca mi riamh thu;
Fhir bu taitniche mànran,
'S e do ghràdh rinn mo phianadh:
'S ged nach innis mi chàch e
Tha mi 'n-dràst' leis air liathadh.

Tha mo chion air an fhleasgach
Chuimir, leadanach, bhòidheach,
Tha den fhine nach strìochdadh,
'S a tha sìobhalt na chòmhradh.
'S mòr gum b' fheàrr leam do ghliocas,
Is do mhisneach is d' fhoghlum
Na làn buaile chrodh ballach,
Le dubh-bhalach gun eòlas.

'S mi nach iarradh leat eudail,
Ach do lèine 's do chòta,
Is do bhreacan 's do ghunna,
'S math a chumar an òrdugh,
Is do bhoineid le h-itean -
Bhiodh an sud na bu leòir leam;
Leat gun siùbhlainn an saoghal,
Fhiùrain aobhaich is bòidhche.

'S e mo dhùrachd dom leannan,
Ged nach faigh mi do phòsadh,
Thu bhi sona gun smalan,
'S a bhi fad' anns an t-seòl sin.
Le crodh druimfhionn 's crodh guailfhionn
Air do bhuaile mar chòmhlan,
'S gun do bhean-sa gan cuallach,
Ach a' fuaigheal na seòmar.

O, cha dùth dhomh bhi socrach,
'S mi a-nochd mar mhnaoi fhuadain;
Air an uirigh ma chaidleas mi,
Bidh ort-sa mo bhruadar,
Fhir a loisgeadh am fùdar
Air na stùc-bheannan fuara -
Is na misde do phiseach,
A ghaoil, mise chur suarach.

B' e mo mhiann a bhi còmhl' riut,
Fhir is bòidhche measg fhearaibh;
'S mi gun earbadh mi fhìn ruit,
Dusan mìle bhon bhaile.
Mu thrì bliadhna 's còig ràithean,
Thug mi gràdh dhuit mar leannan;
'S beag an t-ioghnadh ged tha mi,
An-diugh cràiteach ga d' ghearan.

'S iomadh nì bheir an gaol oirnn;
Tha e caochlaideach, carach;
Bidh e tighinn na lùban,
Mar shruth bùirn leis na beannaibh.
'S iomadh tè a fhuair aobhar,
A bhi caoineadh 's ag gearan,
'S fear a gràidh air a fàgail,
Ged bu làidir a ghealladh.

Bheirinn comhairl' air caileig,
Gun bhi amaideach, gòrach,
Gun i chreidsinn a leannain,
Ged a ghealladh e pòsadh.
Ged is bòidheach e tighinn,
Tha a chridhe fuar reòdhta,
'S bidh a shùil às a dheadhain
Dh'fheuch cò roghainn is bòidhche.

Esan:

Thug mi 'n raoir ann am dhùsgadh,
'G iarraidh dlùth thun a' chala,
Gus an d' ràinig mi 'n t-àite,
Far an d' fhàg mi mo leannan.
'S ann a fhuair mi thu pòsta,
Ri fear òg air do cheangal -
An snaoim dhaingeann nach fuasgail,
Dh'fhàgas truagh mi ri m' mhaireann.

'S truagh nach robh mi 's mo leannan,
Ann an gleannan a' cheòbain,
No an iohall na coille,
Far an goireadh an smeòrach;
Bhiodh mo làmh a ghaoil tharad,
'S mo cheart air' air do phògadh
'S an làmh eile bhiodh sìnte
Fod chùl snìomhain, donn, bòidheach.

Cheist de mhnathaibh an t-saoghail
Nach dèan thu saod air a thrèigsinn;
Dèan a ghoid do chuid aodaich,
'S thèid mi, ghaoil, leat do Èirinn
Thèid luath-bhàta nan crannan,
Chur gu h-ealamh na h-èideadh
'S bidh mi còmhl' ri mo leannan,
Mar bu mhath leinn le chèile.

Carson a chreid thu do chàirdean,
No luchd dàimh bha air thalamh,
Gun robh mise am brath pòsaidh
Ri tè òig airson earrais
Ged a bha thu gun stòras,
Cha bu deòin leam ri m' mhaireaun,
Gu an tugainn mo chùl riut -
Dh'fhàg do shùgradh mi galach.

Ise:

Cheist de fhearaibh an t-saoghail,
Tog dhe d' chaoineadh 's dhe d' chumha,
Seall gu beachdail 's gach àite,
Am faic thu àilleag bhios lurach,
Na h-iarr ormsa gu bràth
A dhol thar sàile leat tuille,
Ach leig dhomh mar a tha mi,
Anns an àit seo fo mhulad.