Back

Thighearna, Thàinig Thu Chun na Linne

Lyrics:

Thighearna, thàinig thu chun a' linne
A' sireadh dhaoine gun eòlas gun mhaoin,
Cha do dh'iarr thu ach mo ghaol-sa.

Sèist

Le gràdh sheall thusa nam shùilean,
Le fiamh air do ghnùis labhair thu m'ainm,
Is dh'fhàg mi mo bhàt' air an tiùrra,
Thusa gam stiùireadh dh' ionnsaidh cladaichean ùr.

Thighearna, gu bheil mise gun stòras,
Chan eil armachd no cumhachd ri'm chùl.
Chan eil mi giùlain ach gnìomhas mo dhòrn.

Thighearna, tha mi tairgs' mo làmh dhut;
Ni mi saothair son furtachd do chàch;
Is bho mo ghaol-sa gun gràdhaich iad thu.

Thighearna, tha na stuaghan gam ghluasad;
Dòchas buan thu don chridhe th' air faontradh;
Is tàthaidh gaol sinn gu càirdeas sìorraidh.