Back
Thogainn Fonn Mo Leannain
Lyrics:
Sèist
Co-dhiù thogainn fonn mo leannain
Anns gach àit' san ruig mi cala;
Co-dhiù thogainn fonn mo leannain.
Ho ro hi mo ghaol a' ghruagach
Dh'àraicheadh an tìr nam fuar-bheann;
Ach nam biodh tu nochd rim ghuallain,
Cha b' e gruaimean bhiodh air m' aire.
Tha do ghruaidhean mar na ròsan
Dh'fhàsas anns a' mhachair bhòidhich,
Bilean tana 's deud tha còmhnard,
Tha do phòg sìor bhlas na mealla.
Tha do shlios mar fhaoileig sàile,
Dhìreas ris na stùcan àrda,
'S truagh a-nochd nach mi bha làmh ri,
Nìghneag bhàn nam blàth-shùil meallach.
Nì mi nis an rann a dhùnadh
'S fhada leam gu ruith an ùine,
Gus an ruig mi fhìn an dùthaich,
Far na dh'fhàg mi rùn nan cailean.