Back

Throid A' Bhean 'S Gun Throid I Rium

Lyrics:

Sèist

Throid a' bhean 's gun throid i rium
Throid i dona 'n raoir co-dhiù,
Thuirt i, Nèill, tha thu gun tùr,
Bliadhn' ùr agad an-còmhnaidh!
O throid a' bhean, 's gun throid i rium.

'S nuair a dhùineas iad am bàr
Thèid thu dhachaigh, 's tu cho làn;
'S ann air screw top bheir thu làmh
Bi dhà agad dhiubh 'n-còmhnaidh!
O throid a' bhean, 's gun throid i rium.

'S bi h-uile seòrsa measg a chèil'
Johnny Walker agus Haig
White Horse 's am Bulloch Lade
'S an ruma fhèin gan còmhdach.
O throid a' bhean, 's gun throid i rium.

'S tha thu sean gu leòr mar tha
Tha thu leth-cheud bliadhn' an-dràst'
Òl an t-uisg' airson do shlàint'
Is fàg na taighean-òsta.
O throid a' bhean, 's gun throid i rium.

Tha thu gearan fuachd gach là
Is nach eil thu dol nas fheàrr,
Ach nach fhaigh thu cure nas fheàrr
Na bhith aig bàr a' Royal.
O throid a' bhean, 's gun throid i rium.

'S throid i riums' air dòigh neo dhà
'S bha fhios a' m fhin nach robh i ceàrr;
Mar sguir thu dhan deoch gun dàil
Gheibh thu bàs gun tròcair.
O throid a' bhean,'s gun throid i rium
Throid i dona a-raoir co-dhiù,
Thuirt i, Nèill, tha thu gun tùr
Bliadhn' ùr agad an-còmhnaidh!
O throid a' bhean, 's gun throid i rium.