Thug Mi Gaol don Fhear Bhàn
Lyrics:
Thug mi gaol, thug mi gaol,
Thug mi gaol don fhear bhàn;
Agus gealladh dhutsa, luaidh;
O cha dual dhomh bhith slàn.
Chaidh am bàta tron chaol
Leis na daoine Dimàirt;
'S mise phàigh am faradh daor,
Bha mo ghaol air a clàr.
Chunnacas long air a' chuan
'S i cur suas nan seòl àrd;
Nuair a dhiùlt i cur mun cuairt
Bha mo luaidh-s' air an t-snàmh.
Tacan mun do laigh a' ghrian
Bha mi 'm fianais mo ghràidh;
Tha e nis an grunnd a' chuain;
O, gur fuar àite tàimh.
Bha mi bruadar a-raoir
A bhith 'n caoimhneas rim ghràdh;
'S nuair sin thug e rium a chùl
Shil mo shùilean gu làr.
Bha mi deas is bha mi tuath,
Bha mi 'n Cluaidh uair no dhà;
Dheth na chunna mi fon ghrèin
Thug mi spèis don fhear bhàn.
Cha tèid mise thaigh a' chiùil;
Thuit mo shùgradh gu làr,
Bhon a chualas thusa, rùin,
Bhith sa ghrunnd far nach tràigh.