Back

Thug Mi 'n Oidhche 'n Raoir Sunndach

Lyrics:

Thug mi 'n oidhche raoir sunndach
Beatadh dlùth ris a' chala,
Gus an d' ràinig mi 'n t-àite
Far an d' fhàg mi mo leannan,
Fhuair mis' i 's i pòsta
Ri fear òg aig a' bhaile,
Le snaim dhainginn nach fhuasgail,
Dh'fhàgas truagh mi rim mhaireann.

'S truagh nach robh mi 's mo leannan
Ann an gleannan a' cheòbain.
No an iomall na coille,
Far an goireadh an smeòrach;
Bhiodh mo làmh, a ghaoil, tharad,
'S mo cheart air' air do phògadh,
'S an làmh eile, a ghaoil, sìnte
Fod chùl shnìomhain dhonn, bhòidheach.

Chiall a mhnathan an t-saoghail,
Cuim' nach faodadh tu falbh leam?
Dèan deas do chuid aodaich,
'S gum faodamaid seòladh.
Gheibh sinn bàt' ar toirt thairis,
'S gillean grad chuireas seòl rithe,
'S thèid sinn thairis a dh'Èirinn,
Far nach èigh iad rim beò sinn.

Ach ma chaidh thu, ghaoil, thairis,
'S nach leannan thu dhomhsa,
Gun cluinn mi ga aithris,
Gur neach air deagh dhòigh thu,
Le crodh druimionn is guaillionn
Air do bhuaile mar chòmhla;
Nighean eile gan cuallachd,
Is thusa fuaigheal ad sheòmar.

Mo mhallachd air gach duine,
Rinn ar cumail o chèile;
Tha mi 'm bliadhna 's an-uiridh
Fo mhulad mud dheidhinn;
An toll chaidh am chridhe,
Cha dèan lighichean feum da,
Gus an tèid mi san anart,
Is fo sparradh nan dèile.